Fàilte
Dè a tha ann an dealbh? Airson feadhainn, is e rud gu math pearsanta a th’ann. Aig amannan bidh sinn a’ coimhead air ais air dlùth-chàirdean, air nithean sònraichte a thachair nar beatha, is air rudan a bha bunaiteach nar coimhearsnachd. Agus cuideachd, tha iad buailteach air a bhith ath-bheothachadh fearachdainn.
Ma choimheadas dithis air dealbh, bheir iad le chèile ruideigin eadar-dhealaichte às. Bidh cuimhne diofar aig a h-uile duine air dè bha tachairt aig an àm a chaidh an dealbh a thogail. Air neò - nan robh e air a tharraing anns na sean làithean - air dè chaidh innse dhuinn mu dhèidhinn an àm agus dòcha na daoine anns an dealbh.
Aig deireadh an latha, is e rud prìseal a tha ann. Is e rud a ghabhas a chleachdadh bho latha gu latha, gu math tric a’ sgeadachadh seòmraichean ar taighean - agus aig amannan, ath-bheothachadh faireachdainn mu dhèidhinn càch a’ chèile. Ann am beatha nan Gàidheal, tha dealbhan sònraichte air an cleachdadh gu cunnbhalach. Dealbhan a chaidh a thogail le daoine coltach ri Paul Strand agus George Washington Wilson. Cò aig nach eil fhios, anns a’ bhad, nuair a chithear dealbh de Hiort gur e gu dearbh Hiort a th’ann, ged nach fhacar riamh a’ chuid as motha againn fhìn na h-eileanan sin dhuinn fhìn? Cò nach eil eòlach air an dealbh de shean bhodach leis a’ chas chrom air a gabhail air sgìre Phort Rìgh?
Is e rud cumhachdach a tha ann an dealbh. Air a cleachdadh airson math, agus toileachas agus togail inntinn. Ach cuideachd canar nach cleidh dealbh ni sam bith. Tha sin cinnteach, agus nuair a chithear dealbh de rud coltach ri càirdean a dh’fhalbh, cogadh neo tubaisd, nach eil e cheart cho buailteach gun tig deòir dha ar sùil?
Is e sin as coireach gu bheil dealbhan cudromach. An adhbhar gu bheil e freagarrach a bhi tarraing dhealbhan ri chèile ann an taisbeanaidhean mar a thathar a’ deanamh ann an seo. Nach eil a h-uile duine againn a’ miannachadh gum b’urrrainn dhuinn dealbhan na b’ fheàrr a ghabhail? Agus tron t-seachdain a tha seo de thachartasan, bidh cothroman ann a bhith ag ionnsachadh beagan a bharrachd. Chan e a-mhàin gum bi daoine ainmeil bho saoghal a’ chamara, an làthair. Ach bidh cuideachd eòlaichean air dualchas, arceòlas, eachdraidh is clach-eòlas ag obair còmhla riutha airson a bhith fosgladh Sùil an t-Solais.
Dòmhnall Dòmhnallach,
Urras an Taobh Sear, A’ Ghlas pheighinn